Search

Prògram Choinnich

Date
Track ID 9262
Part 1

Track Information

Original Tape ID

Program Choinnich 14.04.1997

Summary

Motorcycles and their benefits.

Norman Smith explains how motorcycles are easier to repair and to drive than cars. He also believes that they are better in towns where the roads are busy, and are not as dangerous as people say. Betty MacNeil tells how she travels on a motorcycle with her partner. She feels perfectly safe, and has travelled extensively.

Recording Location

County - Ross and Cromarty

Island - Lewis

Parish - Stornoway

Village/Place - Stornoway

Language

Gaelic

Collection

BBC

Transcription

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha an àireamh dhaoine a tha a' ceannach motorbikes air dùblachadh anns an dà bhliadhna a chaidh seachad, ach a rèir coltais, tha an fheadhainn a tha gan cleachdadh diofraichte bhon an ìomhaigh a th' againn de luchd-cleachdaidh motorbikes. Fireannaich meadhan-aois agus boireannaich as motha a tha a' ceannachd an fheadhainn ùra, agus chan eil aon choltas aca ri balaich nan seacaid leathair agus an fhuilt fhada idir. Carson a tha an t-ùrachadh ùidh a tha seo ann a bhith a' siubhal air dà chuibhle? Uill, còmhla riumsa, feadhainn a tha mi an dòchas a tha eòlach air a sin. An toiseach, Tormod Mac a' Ghobhainn. A Thormoid, dè... dè as coireach gu bheil daoine a' fàs cho measail air na motorbikes?

Tormod Mac a' Ghobhainn (TM): Chan eil... tha mi a' creidse gu bheil iad nas fhurasta am faighinn 's an cumail air an rathad na tha càraichean. Tha càraichean an-diugh air a dhol cho duilich a thaobh teicnigeach 's mar sin.

CM: Cho furasta an cumail air an rathad? 'S e sin dìreach an t-eagal a bhiodh ormsa, nach b' urrainn dhomh an cumail air an rathad.

TM: Och, tha e dìreach man baidhsagalan a bhios tu fhèin ag obair le do chasan. 'S e... 's ann air an aon dòigh a tha thu na chumail air an rathad, ach dìreach nach tèid chasan-sa cho luath 's a chuireas an einnsean e.

CM: Ach a-nise, bha daoine air a dhol an aghaidh nam motorbikes, nach robh? Can bho chionn fichead bliadhna no mar sin, bha an t-uabhas dhiubh air an rathad. Cha robh an uair sin uiread air an rathad. Tha an t-atharrachadh a tha seo ann. Tha e air fàs fasanta, 's chan ann do dhaoine òga idir, ach do dhaoine dhe d' aois fhèin.

TM: An e nach eil mi fhìn òg? Tha, tha sin fìor, gu h-àraid... uill, tha an t-uabhas dhiubh air a thighinn... air a thighinn air ais air an rathad shuas an seo fhèin. Tìr-mòr cuideachd, chì thu a-nise shìos ann am baile Lunnainn, tha iad aca mar tagsaidhean. Tha uimhir a thrafaig anns na bailtean mòra, agus daoine a tha nan cabhag airson a dhol gu, tha mi a' creidse gur e coinneamhan, fhios a'd, a thaobh gnìomhachas 's mar sin, tha e tòrr nas fhurasta dhaibh a dhol... suidhe air cùl na motorbikes a tha seo. Tha àite ann far an cuir iad am briefcase, tha iad a' toirt leotha deise a chuireas a h-uile duine a tha sin orra, muinntir na pinstripes, faodaidh iad am bowler a chur dhan a' phannier cuideachd, tha mi a' creidse, agus thèid iad tron a' bhaile ann an leth an tìde 's a thèid tagsaidh.

CM: Uill, tha mi a' creidse gur e sin an t-adhbhar a tha mòran gan ceannachd anns na bailtean mòra dhaibh fhèin. 'S e sin, gun urrainn dhaibh siubhal tro... far a bheil an t-uabhas chàraichean nas luaithe.

TM: Ò, 's e, 's e gu deimhinne, bhon chan eil, uill, thug mise treiseag ann am baile mòr le college 's mar sin agus chan eil càil cho suathainte ri bhith na do shuidhe ann an sreath chàraichean 's chan eil thu... cha mhòr nach eil na daoine a tha a' coiseachd sìos an t-sràid, tha iad a' dol nas luaithe na thu.

CM: A bheil gnothaich aige seo cuideachd ris gu bheil seòrsa de dh'ath-nuadhachadh ann a bhith a' togail nam motorbikes anns an rìoghachd seo fhèin? Bha mi a' faicinn aig deireadh na seachdain a chaidh gu bheil Triumph a-nise, gu bheil iad air ath-nuadhachadh mòr a dhèanamh, ach nuair a tha sinn a' bruidhinn air Triumph, tha sinn a' bruidhinn air motorbikes mòra, nach eil?

TM: Tha. Ò, tha an-diugh. 'S e am fear as lugha a nì iad an-diugh, 's e an seven fifty cc. Bho chionn bhliadhnachan air ais, gheibheadh tu Triumph cho beag ri two hundred cc, an Triumph Cub, agus b' urrainn dha daoine tòiseachadh air rud mar sin, ach an-diugh 's e feadhainn mhòra, 's sin am fear as lugha, seven fifty 's nine hundred.

CM: Nuair a tha sinn a' bruidhinn air motorbike ùr, ge-tà, chan eil sinn a' bruidhinn air rud saor. Bha mise an Inbhir Nis an t-seachdain a chaidh 's chaidh mi seachad air garaids ann an sin 's bha mi a' faicinn motorbike, a h-aon mìle deug not.

TM: Aidh. Cha mhòr nach fheum thu an lottery a bhuannachadh airson ceannach feadhainn aca an-diugh. Tha a' phrìs aca air a dhol mì-nàdarrach.

CM: Ò uill, nam biodh na tha sin agamsa, cheannaichinn càr leis.

TM: Chan eil... tha mi a' creidse gun ceannaich, ach chan eil fhios am faigheadh tu... an còrdadh e riut uimhir. Ma tha... ma tha e a' còrdadh ri daoine a bhith air motorbike a-muigh air an rathad, agus ma tha e nad inntinn idir, còrdaidh e riut. Tha thu... tha thu a' faighinn tòrr a bharrachd beachd dhen èadhar timcheall ort 's... nuair a tha thu a' dol tron... tron an sgìre 's a h-uile càil.

CM: Tha, ach a rèir na staitistigs, tòrr a bharrachd cothrom gum bi thusa air do leòn a' falbh air motorbike na tha mise a' falbh le càr.

TM: Tha e a rèir cò na figearan a tha thu ag èisteachd ris. A rèir coltais, tha figearan na motorbikes air a thighinn sìos gu mòr anns na bliadhnachan a chaidh seachad le... tha an t-uabhas de dh'ionnsachadh air a bhith ga dhèanamh, fhios a'd, air feadh an rìoghachd, agus tha na tha air an leòn air motorbike air a thighinn sìos gu mòr an taca ris na th' air an leòn a thaobh càraichean.

CM: Uill, tha tè còmhla riumsa air a' fòn an-dràsta agus tha ise i fhèin a' falbh gu math tric air motorbike. 'S ise Beataidh NicNèill. Tha i air an loidhne à Glaschu. Madainn mhath, Beataidh.

Beataidh NicNèill (BN): Madainn mhath.

CM: Am bi thu tric air motorbike?

BN: Aidh, gu math tric, aidh. Dìreach a h-uile latha, tha mi a' creidsinn.

CM: Am bi thu... an e thu fhèin a bhios leis?

BN: Dè?

CM: Cò bhios ga dhràibheadh?

BN: Ò, an duine agam a bhios ga dràibheadh.

CM: Agus a bheil thusa a' faireachdainn sàbhailte air?

BN: Ò tha, tha. Gu math sàbhailte.

CM: Am bi thu a' dol astaran fada?

BN: Aidh, uill...

CM: Dè cho fad às 's a tha thu air a bhith?

BN: Bha sinn shìos an Sasainn, 's Steòrnabhagh, 's na Hearadh. A h-uile h-àite, really.

CM: 'S a bheil e a' còrdadh riut?

BN: Ò, tha. Aidh.

CM: A bheil thusa a' faireachdainn gu bheil e cho sàbhailte 's tha Tormod a' cumail a-mach a tha e?

BN: Och, tha. Tha e gu math sàbhailte, tha. Fairichidh tu gu math sàbhailte air.

CM: Ach na h-àireamhan a th' agamsa ann an siud an-diugh, tha iad a' sealltainn gu bheil barrachd bhoireannaich a' gabhail ùidh ann am motorbikes. A bheil thu a' tuigse carson a bhitheadh sin?

BN: Uill, chan eil fhios a'm, really. Uill, tha iad nas fheàrr, tha iad nas saoire.

CM: Tha iad nas saoire, ceart gu leòr, ach tha... tha e ceart gu leòr... a bheil thu a' faireachdainn, ge-tà, gu bheil sinn a' gluasad air falbh bhon a' chàr chun a' mhotorbike?

BN: Ò, uill, tha gu leòr de mhotorbikes air an rathad a-nist, you know.

CM: 'S am bi thu a' dol luath... am bi e a' dol luath leis?

BN: Uill, luath gu leòr.

CM: Ach 's e an rud mu dheidhinn motorbike, ge-tà, man a tha an càr, faodaidh tu an t-aodach a tha gu bhith ort fad an latha a bhith ort. Ma tha thu a' dol air motorbike, can, ga thoirt a dh'obair...

BN: Dè bha sin?

CM: Ma tha... ma tha motorbike agad 's gu bheil thu ga chur... gu bheil thu ga chleachdadh airson a bhith a' dol gu d' obair, feumaidh tu aodach sònraichte a bhith ort, agus an uair sin bidh thu a' dol bho aon aodach gu aodach eile, nach bitheadh?

BN: Ò, feumaidh, feumaidh. Especially air a bhios e... air a bhios e a' sileadh no rudeigin. Feumaidh sibh a bhith gu math dreaste.

CM: Dè an dath a th' air na leathers agad?

BN: Dè? Ò, chan e leathers a th' againn idir. Dìreach waterproof.

CM: Ach tha aodach motorbike, faodaidh e a bhith gu math daor, nach fhaod?

BN: Ò, tha, tha. Gu math daor. Ach, uill, a' ruith motorbike, tha e nas saoire, so...

CM: Ach can an-dràsta, tha cuimhn' a'm a dhol seachad air aon bhùth ann an Dùn Èideann 's cha robh càil anns an uinneag aca ach, mar a chanas sinn, clogaidean, helmets, agus tha iad daor, nach eil?

BN: Tha iad, tha iad, aidh. Uill, [???] feadhainn, you know, feadhainn aca gu math daor.

CM: Uill...

TM: Gheibh thu tè aig mu leth-cheud not no mar sin.

CM: Am faigh?

TM: Airson clogaid fhaighinn. Ach a-nise, nuair a thèid thu gu 'n ìre eile, tha thu suas gu crowd cheudan, ma tha thu ag iarraidh tè a th' air a ceannachd... a th' air a peantadh ann an dòigh fear dhe na, fhios a'd, an fheadhainn a' race-adh na bikes. Agus ma tha thu ag iarraidh clogaid, an aon seòrsa ris an tè aigesan, uill, tha thu a' dol a phàigheadh airson... cnap math a bharrachd airson sin.

CM: Dè seòrsa motorbike a th' agaibhse?

BN: Kawasaki five fifty.

CM: An tèid e siud luath?

BN: Tha e gu math luath, tha.

CM: Dè seòrsa a th' agadsa, a Thormoid?

BN: Uill, tha e gu math sean. Chan eil e... chan eil e ùr.

TM: Bike snog a tha sin. Moto Guzzi six fifty a th' agamsa. Fear Eadailteach a th' anns a' Moto Guzzi.

BN: Ò, uill, tha am five fifty luath gu leòr, tha mi a' smaointinn.

TM: Aidh, 's e bike snog a tha sin, 's tha e air a bhith a' dol, fhios a'd, fada gu leòr. Tha daoine eòlach air 's tha fios aca gun lean e. Rud eile an-diugh, anns na baidhsagalan, chan eil iad a' briseadh sìos man a chleachd. Bho chionn bhliadhnachan air ais, tha mi a' smaoineachadh, bha daoine... bha thu na bu dualtach faicinn duine aig oir an rathaid ag obair air a siud no ag obair air a seo, ach le na baidhsagalan ùr, tha iad dìreach man an càr. Chan eil agad ach a dhol orra... uill, chan ann a' tionndadh an iuchair a tha thu - tha thu a' brùthadh am putan 's a-mach leat, 's tha thu gu math cinnteach nach stad e ort air an t-slighe.

CM: A bheil e nas fhasa a bhith ag obair air motorbike ma thèid càil ceàrr na tha e air càr?

TM: Gu ìre. An fheadhainn as ùire dhiubh, chan eil, bhon tha iad fèar man an càr. Chan eil càil agad ach na bucais dhubh a tha siud a-staigh fon am plastaig fon [???].

CM: Eileagtronaigs a th' ann.

TM: Ò, eileagtronaigs mì-nàdarrach.

CM: Nise, cha chòrdadh sin ri... duine no dithis a dh'aithnicheas mise agus tha iad fìor mheasail air seann mhotorbikes. Cha chòrdadh sin riutha idir. Tha iad ag iarraidh fàileadh a' pheatrail 's a bhith ag obair... a bhith ag obair air pìoban agus peatrail... an connadh a bhith a' spùtadh a-mach, agus iad a bhith a' càradh an rud le spanner 's mar sin. 'S e sin man a b' àbhaist dha a bhith, nach b' ann?

BN: Ò, aidh, uill, 's e. Ach chan eil iad cho dona.

TM: Tha am fear a th' agamsa, tha e tòrr nas fhasa obrachadh a-nis. Man a tha an fheadhainn ùr, tha iad... tha thu a' cur uisge timcheall airson an einnsean a chumail fuar, fèar man càraichean, ach an fheadhainn nas sine, 's e air-cooled a chanas iad, agus tha iad cho furasta ri càil, fèar man a tha na càraichean aca dhà no thrì bhliadhnachan air ais. Ma tha thu airson sealltainn air na valves no càil, nì thu fhèin e. Cha leig thu leas a dhol a-steach gu garaids leis.

CM: Uill, cumaibh sibhse oirbh a' bruidhinn, ach cha do rinn sibh an gnothaich air idir. Bidh mi a' fuireach air ceithir chuibhle no air mo dhà chois.

TM: Tà, seall cho... man a bhiodh tusa anns an fhasan, a Choinnich, a' tighinn a-steach ann an seo anns a' mhadainn le na leathers ort 's an clogaid.

CM: Bhithinn anns an fhasan, ach 's dòcha gum bithinn na mo phìosan. Agus sin an rud a dh'fheumas sinn a ràdh. Tha an t-uabhas obair ionnsachaidh aig duine sam bith a tha an-diugh a tha a' dol air cùl motorbike airson a' chiad uair, 's tha cùrsaichean trèanaidh sònraichte ann airson iad a bhith a' dèanamh sin, agus tha iad rim faighinn anns gach àite dhen a... dhen an dùthaich. Mo thaing do Thormod agus do Bheataidh NicNèill airson a thighinn a thoirt dhuinn beagan de shealladh air beatha an fheadhainn an-diugh aig a bheil na motorbikes, agus barrachd 's barrachd dhiubh ann.

Source Type

Dat

Audio Quality

Good