MacMhuirich agus am bodach mì-nàdarrach.
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
93664
Part 1
Track Information
Original Track ID
CannaOT.XXVI
Original Tape ID
Summary
MacMhuirich and the queer old fellow.
A story about a landowner in Stilligarry by the name of MacMhuirich. His servant was ploughing one day when one of the horses died. MacMhuirich acquired another horse and, one day, a queer old fellow appeared and wished to take all the oats away. MacMhuirich, however, put the wind up him, and he departed in a puff of smoke!
Item Subject/Person
MacMhuirich
Item Location
County - Inverness-shire
Island - South Uist
Parish - South Uist
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Dòmhnall Mac an t-Saoir: Duine ainmeil a' fuireach ann an seo, ann an Uibhist a' Chinn a Deas, ris an canadh iad Mac Mhuirich. 'S ann an Stadhlaigearraidh a bha a dhachaigh 's a chòmhnaidh. Bha tuathanachas mòr aige, agus bhiodh e daonnan a' cumail seirbheiseach. Agus a' bhliadhna a bha seo co-dhiù, agus iad trang leis an treabhadh, agus bha Mac Mhuirich, bu toigh leis gun dèanadh na seirbheisich obair gu leòr dha, agus bhiodh e fhèin daonnan a' coimhead a-mach feuch gu dè a dhèanadh iad anns an latha. Agus dh'fheumadh paidhir each, nam biodh latha math ann, uimhir seo de thalamh a threabhadh. Agus neo-ar-thaing nach biodh deagh sheirbheisich aige.
Ach co-dhiù, latha a bha seo agus treabhaiche ag obair anns a' phàirc air treabhadh, dè rinn fear dhe na h-eich ach tuiteam anns a' chrann, agus b' fheudar dha a leigeil às. Agus nuair a leigeadh às e, cha do rinn e ach laighe air a' chnoc. Agus ann an ceann glè bheag a dh'ùine bha an t-each marbh orra. Cha do rinn e ach am fear eile a leigeil às, agus a cheangal an àite air choreigin agus thàinig e a-nuas far an robh Mac Mhuirich, agus thuirt e:
"Thuit," ars esan, "fear dhe na h-eich agam," ars esan, "anns a' chrann," ars esan, "agus tha e marbh," ars esan, "air a' chnoc shìos ann an siud."
"A bheil?" arsa Mac Mhuirich.
"Tha," ars esan.
"Ò ma-tà," arsa Mac Mhuirich, "feumaidh sinn," ars esan, "each eile fhaighinn na àite. Cha dèan sinn an gnothach," ars esan. "Feumaidh an treabhadh a bhith air a dhèanamh."
"Ò," ars an seirbheiseach ris-sin, "feumaidh sinn fhaighinn," ars esan, "nam biodh fhios a'm cà 'm faighte e."
"Ò," ars esan, "gheibh sinn," ars esan, "gun teagamh e."
Bha e air a ràdh a-nist gun robh trì iarrtais aig Mac Mhuirich a bha seo, agus gun deachaidh na h-iarrtasan a bha sin a thoirt dha aig àm a bhreith, bhon tì a chruthaich e. Ach co-dhiù, biodh sin mar a bhitheas e. Seo agaibh mar a rinn Mac Mhuirich. Dh'èirich e agus chaidh e a-mach às an taigh, agus ghabh e suas gu cnoc a bha an sin agus gheàrr e fead, agus an ceann treise chunnaic e duine shuas tarsainn na pàirce, agus ghabh e sìos na choinneimh, agus bha òganach eireachdail ann a shin, air a dhreasadh gu snasail.
"Seadh," ars esan, "tha," ars esan, "beothach eich a dhìth ort," ars esan, "airson an treabhaidh."
"Tha," arsa Mac Mhuirich, "beothach a dhìth oirnn," ars esan, "nam biodh fhios a'm cà 'm faighinn e."
"Ò," ars esan, "gheibh thu deagh bheothach agamsa," ars esan.
"Càit a bheil e?" arsa Mac Mhuirich.
"Ò," ars esan, "cha bhi agaibh," ars esan, "ach gabhail sìos ann a shiud," ars esan, "a dh'oisinn na pàirce," ars esan, "'s bidh deagh bheothach ann a shin agad," ars esan, "a nì an treabhadh dhut."
"Tha sin glè mhath," arsa Mac Mhuirich, "ma-thà," ars esan. "Gu dè," ars esan, "a bhios agam ri thoirt dhut," ars esan, "airson a' bheothaich?"
"Ò," ars esan, "cha bhi e daor idir."
"Ò, chan eil e gu diofar dè bhitheas e," arsa Mac Mhuirich, "ach 's toigh leamsa," ars esan, "a' phris aige fhaighinn a-mach anns an spot."
"'S e na bhios mise ag iarraidh," ars esan, "airson an eich," ars esan, "eallach arbhair," ars esan, "nuair a bhios am bàrr agad a-staigh ann as t-fhoghar."
"Eallach arbhair?" arsa Mac Mhuirich.
"Seadh. Sin," ars esan, "a tha mise ag iarraidh air a shon."
"Ò ma-thà," ars esan, arsa Mac Mhuirich ris-san, "gheibh thu sin. Glè thoilichte cuideachd."
Dhealaich an duine ris agus chaidh Mac Mhuirich dhachaigh, agus thuirt e ris an t-seirbheiseach:
"Thalla," ars esan, "agus seall sìos," ars esan, "taobh oisinn na pàirce," ars esan. "Feuch," ars esan, "gu dè a chì thu," ars esan. "Agus ma chì thu each ann a shin," ars esan, "bheir thu leat a-nuas e."
Dh'fhalbh an seirbheiseach. Ràinig e sìos. An ceann treise thàinig e agus each mòr dubh aige ann a shineach, air [?shèine]. Agus chan fhaca duine riamh air an t-saoghal each a bha cho dubh ris.
"Sin agad a-nist," arsa Mac Mhuirich, "each agad," ars esan, "agus nì am fear sin treabhadh gu leòr dhut."
Cha robh fios aig an t-seirbheiseach bhochd nach fhaodadh gun robh an t-each reimhid mun cuairt, agus cha do rinn e ach a chur a-staigh anns a' chrann còmhla ris a' bheothach eile, agus thòisich e air treabhadh. Ach bha an cuthach glan air an each dhubh. Cha deargadh an duine bochd eile air fosadh a chur orra, agus bha e an impis an t-each eile a bha sa chrann a mharbhadh.
Thug e gu feasgar ag obair leis co-dhiù agus nuair a stad e, thàinig Mac Mhuirich a-mach agus dh'fhaighneachd e dheth:
"Gu dè mar," ars esan, "a tha an t-each dubh a' dèanamh?"
"Ò," ars esan, "'s e tha math," ars esan, "ach nam biodh beothach eile ann airson a chumail ri thaobh," ars esan, "ach tha esan tuilleadh 's a' chòir," ars esan, "bras. 'S e," ars esan, "àigeach a th' ann co-dhiù. Agus," thuirt esan, "tha e," ars esan, "cho bras dheth fhèin."
"Ò ma-thà," arsa Mac Mhuirich, "mas e àigeach a th' ann," ars esan, "feumaidh sinn a ghearradh."
"Ò gu dearbh," ars an seirbheiseach, "feumaidh," ars esan, "no," ars esan, "cha dèan e ach am beothach eile," ars esan, "a mharbhadh."
Co-dhiù, làrna-mhàireach no an-earar chuir Mac Mhuirich fios air an fhear a bhiodh a' gearradh nan each, agus thàinig e. Agus cheangaileadh an t-each airson a ghearradh, ach theab nach deargadh iad air a ghearradh; mura b' e Mac Mhuirich Mhòir fhèin agus cho treun 's a bha e, cha deargadh iad.
Co-dhiù, spothadh an t-each agus leigeadh leis ann a shineach a dhà no trì làithean, ga bhiathadh a-staigh ann a shin air stàbla, agus nuair a bha e leighiste, chuireadh dhan chrann e. Bha e an uair sin na bu shocraiche. Bha e cho socair ris a' bheothach eile. Agus chaidh an treabhadh a dhèanamh agus gu leòr dheth. Agus nuair a chaidh an treabhadh a dhèanamh, cha robh na h-eich ach ma sgaoil ann am pàirc.
Bha deagh bhàrr aca as t-fhoghar cuideachd, agus thòisich iad air buain, 's air ceangal. Agus nuair a bha e tioram thòisicheadh air a chur a-staigh. Ach bha Mac Mhuirich, nuair a bha am bàrr gus a bhith a-staigh, bha e cinnteach gu leòr gun tigeadh fear an eich a dh'iarraidh an eallaich. Co-dhiù, nuair a bha am bàrr a-staigh co-dhiù, làrna-mhàireach dh'fhairich Mac Mhuirich èigh aig an uinneig.
"Mhic Mhuirich Mhòir," ars esan, "tha mise nis a' tighinn a dh'iarraidh an eallaich a gheall thu dhomh, agus a choisinn mi cuideachd."
"Ò," arsa Mac Mhuirich, ars esan, "gheibh thu sin."
Agus chaidh e dhan achadh 's thòisich e air caitheadh a-mach às an iodhlainn an arbhair chun an fhir a bha a-muigh. Ach mu dheireadh thall dh'aithnich Mac Mhuirich cò a bh' aige, agus thill e a-staigh. Agus bha rud aige ris an canadh iad clogad [???], agus chàir e mu cheann e, agus chaidh e a-mach.
Agus bha a h-uile roinn a bha anns an iodhlainn am brath air a bhith aig a' bhodach anns an eallach. Chaidh Mac Mhuirich a-mach co-dhiù, gu gàrradh na h-iodhlainn, agus cha chreid mi nach e faclan mar seo a thuirt e:
"Dhia na gile 's na grèine," ars esan, "'s a Rìgh nan reultan rùnach, 's ann agad fhèin a tha fios ar feuma. 'S ann Dimàirt a chuir mi, 's ann Disathairne a bhuain mi, 's mo thruaighe mise," ars esan, "mo bhàrr bliadhna a' falbh aig an Diabhal ann an aon eallach guailne."
Anns an àm anns an robh am bodach a' sìor chur an eallaich air a mhuin, bhrist an taod. Sgaoil an t-arbhar feadh an achaidh cho fad 's chìte leis an t-sùil. Dh'fhalbh am bodach na mheall teine dha na speuran, agus bha iad a' faicinn an teine gus an deach e a-mach os cionn Ruaidheabhail.
"Leigibh a-nis," arsa Mac Mhuirich, "leis a h-uile dad mar a tha e chun a-màireach."
Làrna-mhàireach, thug Mac Mhuirich òrdan seachad an t-arbhar a chruinneachadh a-staigh dhan iodhlainn mar a bha e reimhid. Rinneadh sin; fhuaradh taodan 's ròpannan 's thòisicheadh air tarraing eallach, 's chaidh an seirbheiseach a dh'iarraidh nan each airson taic a chur orra. Thàinig e gun a bheothach aige.
"An-tà," ars esan, "chan eil fhios a'm air an t-saoghal," ars esan, "dè dh'èirich dhan each dhubh. Chan eil sgeul air."
"Ah," arsa Mac Mhuirich, 's e a' freagairt, "na biodh e a laochain," ars esan, "na bi ga iarraidh idir," ars esan. "Chan eil e ri fhaighinn."
"Gu dè air an t-saoghal," ars an seirbheiseach, "a dh'èirich dha, no cà 'n deachaidh e?"
"Ah a laochain," ars esan, "dh'fhalbh e," ars esan, "an-dè," ars esan, "còmhla ris a' bhodach," ars esan, "a bha a' dèanamh an eallaich."
Fhuaradh an t-arbhar a chruinneachadh agus a chur suas mar a bha e reimhid, agus cha tàinig an t-òganach a bha sin riamh tuilleadh a chur dragh air Mac Mhuirich.
Agus sin agaibh mar a chuala mise mu dheidhinn.

Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good