Hoirean o ho hi ri dhiu o
Contributors
Fieldworkers
Date
Track ID
94774
Part 1
Track Information
Original Track ID
SA1975.225.A5
Original Tape ID
Summary
In this song the bard is praising the place that he comes from. Although he is now in the Lowlands he says that he prefers the straths and the nature of the Highlands.
Item Notes
Composed by Duncan Bàn MacIntyre.
See:
'Sàr Obair nam Bàrd Gaelach'
Recording Location
County - Midlothian
Parish - Edinburgh
Village/Place - Edinburgh
Language
Gaelic
Genre
Collection
Transcription
Uilleam MacMhathain (UM):
Hoireann ò ho hìri iù o
Hoireann ò ho hìri iù o
Hoireann ò hìri iù o
'S i mo dhùthaich a dh'fhàg mi.
Ged a tha mi car tamaill
A' tàmh measg nan Gallaibh,
Tha mo dhùthaich air m' aire
Is cha mhath leam a h-àicheadh.
Ged is èiginn dhuinn gabhail
Leis gach nì thig san rathad,
Gum b' fheàrr na na srathan
A bhith tathaich sa Bhràighe.
Ged is còmhnard na sràidean
'S mòr gum b' fheàrr bhith air àirigh,
Na 'm frìth nam beann àrda
'S nam fàsaichean blàtha.
Beurla chruaidh gach aon latha
Nar cluais o chionn grathainn,
'S e bu dual dhuinn o 'r n-athair
A bhith labhairt na Gàidhlig.
Ged is cliùiteach a' mhachair
Le cunnradh 's le fasan,
B' e ar dùrachd dol dhachaigh
'S a bhith 'n taice rir càirdean.
Chuala mi e aig Aonghas an Tàilleir ann an Uibhist, an t-òran ud, bho chionn fhada. Chan eil sìon a chuimhn' a'm air na facail, ach dìreach an t-sèist agus... Agus tha mi a' creidsinn gun robh an rann dìreach mar a bha an t-sèist, cho fhad 's cuimhneach leam. Hoireann ò ho hìri iù o, a bh' aigesan. Tha e beagan eadar-dhealaichte an seo. Ach 's i mo dhùthaich a dh'fhàg mi.
Hoireann ò ho hìri iù o
Hoireann ò ho hìri iù o
Hoireann ò hìri iù o
'S i mo dhùthaich a dh'fhàg mi.
Ged a tha mi car tamaill
A' tàmh measg nan Gallaibh,
Tha mo dhùthaich air m' aire
Is cha mhath leam a h-àicheadh.
Ged is èiginn dhuinn gabhail
Leis gach nì thig san rathad,
Gum b' fheàrr na na srathan
A bhith tathaich sa Bhràighe.
Ged is còmhnard na sràidean
'S mòr gum b' fheàrr bhith air àirigh,
Na 'm frìth nam beann àrda
'S nam fàsaichean blàtha.
Beurla chruaidh gach aon latha
Nar cluais o chionn grathainn,
'S e bu dual dhuinn o 'r n-athair
A bhith labhairt na Gàidhlig.
Ged is cliùiteach a' mhachair
Le cunnradh 's le fasan,
B' e ar dùrachd dol dhachaigh
'S a bhith 'n taice rir càirdean.
Chuala mi e aig Aonghas an Tàilleir ann an Uibhist, an t-òran ud, bho chionn fhada. Chan eil sìon a chuimhn' a'm air na facail, ach dìreach an t-sèist agus... Agus tha mi a' creidsinn gun robh an rann dìreach mar a bha an t-sèist, cho fhad 's cuimhneach leam. Hoireann ò ho hìri iù o, a bh' aigesan. Tha e beagan eadar-dhealaichte an seo. Ach 's i mo dhùthaich a dh'fhàg mi.
Source Type
Reel to reel
Audio Quality
Good