
1. Dè a th' ann an Dualchas?
Leasan 1
Gniomh A- Bhideo
Seall air an bhideo far a bheil Caitlin a' toirt dhuinn beachd air dè a th' ann an dualchas.

Gniomh B- Dè a tha thusa a' meas mar phrìseal?
Tha na rudan a tha sinn a' meas mar phrìseil mar phàirt dhen dualchas phearsanta againn.
'S e seo deagh àite airson còmhradh a thòiseachadh air ‘Dè a th’ ann an dualchas?”.
Gu math tric ‘s e seo rudeigin a fhuair sinn bho chuideigin sònraichte nar beatha, seanair no seanmhair, rudeigin ceangailte ri nàdar a lorg sinn a tha brèagha no annasach, no rudeigin a chaidh a dhèanamh le ealantas is gaol.
Cothrom Còmhraidh
Iarr air gach sgoilear rudeigin a thoirt a-steach dhan chlas air a bheil iad measail. Ma tha a' chlann comhfhurtail, leig leotha beagan innse mun sgeulachd air a chùl.
Gnìomh C- Dèan dreasair!
Airson mìneachadh dè a th' ann an dualchas, tha e snog smaointinn air mar 'dreasair'. Anns na làithean a dh’fhalbh agus chun an-diugh fhèin, tha daoine a' cur nan diofar rudan a tha prìseil dhaibhsan air sgeilpichean an dreasair. Chì thu cuideachd gu bheil rudan ann a tha feumail mar chleoc, glag agus siuga bainne.
’S urrainn dhut diofar eisimpleirean do dhreasairean fhaicinn an seo.

Obair Ealain
- Bu chòir gach sgoilear dealbh a dhèanamh de chuid dhe na rudan a tha prìseil dhaibh.
- Geàrr timcheall gach dealbh le siosar.
- Cleachd pìos mòr paipeir airson cumadh do dhreasair a dhèanamh le gual-fiodh no ince.
- Stuig gach dealbh air an dreasair.
Cuimhnich air na rudan a tha a' tuiteam fon dreasair, na rudan a tha sinn a' dìochuimhneachadh mu dheidhinn. Mar eisimpleir, dèideagan beaga no litrichean- tha na rudan sin mar phàirt dhen sgeulachd cuideachd.
Tha an dreasair a' samhlachadh dualchas sònraichte a' chlais!

Dh’fhaodadh sgioba bho Thobar an Dualchais tadhal air an sgoil agad airson cuideachadh ris a' ghnìomh seo. Cuir fios gu Floraidh ma thu ùidh agad.