Bàs na Cailliche Bèire
Leasan 3 (le bhideo)
An Sgeulachd
https://www.tobarandualchais.co.uk/track/2743?l=gd
1. Tar-sgrìobhadh (pdf)
2. Sgriobt (pdf)
3. Obair (pdf)
Gnìomhan do Sgoilearan
a. Ceistean
Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Anns an sgeulachd seo, tha an Caiptean Dùghall MacCormaig ag innse mu dheidhinn fuamhaire, A’ Chailleach Bheur, a bha a’ fuireach ann an Eilean Earraid, faisg air Muile.
’S e pìos fada a tha seo. ’S dòcha gum bi thu airson an tar-sgrìobhadh a leughadh fhad ’s a tha thu ag èisteachd ris, air neo ’s dòcha gu bheil thu airson an geàrr-chunntas a leughadh ro làimh.
1. Carson a tha an Caiptean a’ creidsinn gun robh fuamhairean ann?
2. Cò eile a bhiodh a’ fuireach còmhla ris a’ Chaillich Bhèir ann an Eilean Earraid?
3. Dè an coltas a bha air a’ Chaillich Bhèir?
4. Dè tha ri fhaicinn anns a’ mhuir bho Eilean Earraid?
5. Dè dh’fheumadh a’ Chailleach Bheur a dhèanamh a h-uile ceud bliadhna?
6. Carson a bhiodh a’ Chailleach Bheur a’ gearan mu Chrudh-lochan?
7. Cha bhiodh an crodh aig a’ Chaillich Bhèir ag òl uisge ach à tobar air an rathad gu Maol Chinn Tìre. Dè thachradh nam fàgadh i am brod mòr de chloich far an tobair?
8. Dh’fheumadh a’ Chailleach Bheur failceadh, no glanadh, mus cluinneadh i dà rud, air neo gheibheadh i am bàs. Ainmich fear dhe na rudan.
9. Dè bha a’ Chailleach Bheur a’ dèanamh nuair a chaidh an cìobair far an robh i?
10. Aig an deireadh tha an Caiptean ag ràdh: “Mas breug uam e, is breug thugam e.” Dè tha seo a’ ciallachadh.
b. Ealain
(i) Dèan cartùn no nobhail grafaigeach mu dheidhinn na Cailliche Bèire a rèir na a tha a’ nochdadh anns an earrainn.
(ii) Cleachd an t-eadar-lìon. Faigh mapa bàn de Mhuile agus na h-eileanan eile mun cuairt air agus seall na h-àiteachan far an robh a’ Chailleach Bheur a’ fuireach agus a’ siubhal. Càit a bheil Tobhta na Cailliche Bèire? ’S dòcha gun lorg thu feadhainn ann an àiteachan eile. Tha i ceangailte ri mòran àiteachan air feadh na Gàidhealtachd ann an Alba, Èirinn agus Eilean Mhanainn.
(iii) Dèan rannsachadh air fuamhairean eile ann an dualchas nan Gàidheal. Cò iad? Càit an robh iad a’ fuireach? Sgrìobh iomradh goirid air feadhainn dhiubh agus dèan dealbh dhiubh.
Stuthan Taic
a. Briathrachas
fomhair (iomarra: fomhairean) – fuamhair, duine glè mhòr
Eilean Earraid – eilean ann an ceann a deas Eilean Mhuile.
mart (iomarra: mairt) – bò
ag ionaltradh – ag ithe feur far a bheil e a’ fàs
clàr a h-aodainn – maol, bathais
crìonach – talamh garbh le preaslaichean is conasg is eile
nuair a labhradh – nuair a chanadh
faoin – gòrach, gun fheum
failceadh – a’ glanadh no a’ nighe na bodhaig
a’ saodachadh – ag iomain, a’ buachailleachd
slèistean – sliasaidean
brod – an seo, tha e a’ ciallachadh mullach, i.e. mullach an tobair. Eisimpleir eile: Brod na poite.
froineadh – tarraing ghrad, no crathadh
rabhaic – brùchd
a’ bìogail – fuaim a nì eòin bheaga no luchagan
cual-chnàmh – criomagan beaga bìodach
goir – èigh, glaodh
b. Geàrr-chunntas
Bha fuamhaire le aon sùil ann an Eilean Earraid air an robh a' Chailleach Bheur. Dh'fheumadh i a dhol gu Loch Bà gach ceud bliadhna a dh'fhailceadh. Bha trì beathaichean mairt aice agus cha robh ach aon tobar air tìr-mòr far an gabhadh iad deoch. Bha brod mòr de chloich air an tobar a dh'fheumadh i thogail ach am faigheadh an crodh deoch. Dh'fheumadh i a chur air ais mus rachadh a' ghrian fodha no rachadh tuil air feadh na talmhainn gu lèir. Aon uair, thuit i na cadal ach dhùisg i dìreach nuair a bha Loch Obha air a chruthachadh agus fhuair i air am brod a chur air ais air an tobar.
Nuair a bhiodh i a' dol gu Loch Bà a h-uile ceud bliadhna, chan fhaodadh i cù a chluinntinn a' comhartaich no gheibheadh i am bàs. Chaidh i seachad air cìobair uair ge-tà, is thug an cù aige comhart. Bha a' Chailleach Bheur a' bàsachadh agus ged a dh'fheuch an cìobair ri cuideachadh, cha robh dad ann a b' urrainn dha dèanamh air a son. Mus do bhàsaich i ghabh i òran. Chan eil aig an fhiosraiche ach aon rann agus tha e ga gabhail an seo.
Fiosrachadh Eile
a. Am Fiosraiche
Rugadh agus thogadh An Caiptean Dùghall MacCormaig, Dùghall Iain Nèill Dhùghaill (1877-1969), ann am Fionnphort, Muile. B’ e maraiche a bh’ ann agus bha e na chaiptean san arm ann an Astràilia. Chaidh e a dh’fhuireach a dh’Astràilia far an robh e ag obair le caoraich. Sgrìobh e bàrdachd ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Sgrìobh e cuideachd puirt airson na pìoba.
b. Ceanglaichean
Seo film goirid à Èirinn (sa Bheurla) mu dheidhinn Bàs na Cailliche Bèire.
https://www.screenireland.ie/directory/view/7749/an-cailleach-bheara
A’ Chailleach Bheur
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/57225
Dòmhnall Mac na Ceàrdaich à Tiriodh a' còmhradh agus a' toirt fiosrachadh mun Chaillich Bhèir. Feumaidh gun robh i a’ fuireach faisg air Baile a’ Phuill, air sgàth bhriathran a thuirt i. Bha e air a ràdh gur e an geamhradh a bh’ anns a’ Chaillich Bhèir.