Rannsaich
Ciad ainm An t-Urr. Uilleam
Cinneadh MacMhathain
Sloinneadh Uilleam a' Mhiseanaraidh
Bliadhna breith 1910
Bliadhna bàis 1995

Sgìre Thùsail

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Uibhist a Tuath

Baile/Àite - Màlacleit

Àireamh an neach 482

Eachdraidh-beatha

'S e sgoilear agus seanchaidh air leth a bh' anns an Urramach Uilleam MacMhathain, a rinn obair mhòr ann a bhith a' cruinneachadh agus a' gleidheadh òrain Ghàidhlig. Mar thoradh air a' mhion-eòlas a bh' aige air beul-aithris Ghàidhlig, agus mar thoradh air an togail a fhuair e agus an ùine a chuir e seachad na mhinistear ann an coimhearsnachdan Gàidhealach, 's e fìor eòlaiche a bh' ann air cleachdaidhean nan Gàidheal, agus tha an dìleab a dh'fhàg e mar obraiche-raoin agus mar sheanchaidh gun choimeas. Tha e na urram do Thobar an Dualchais gu bheil cha mhòr 800 clàradh dhen Urramach Uilleam MacMhathain bho Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba air an làraich-lìn, a' toirt sealladh prìseil air òrain Ghàidhlig anns an 19mh agus an 20mh linn.

Rugadh Uilleam ann am Màlacleit, Uibhist a Tuath air an 25mh latha dhen Lùnastal 1910 do Chalum agus Màiri NicMhathain (née Mhoireach) à Leòdhas. Bha Calum na shàr shearmonaiche agus bha e fìor mhath gu cur a-mach na loidhne. Bha e na mhiseanaraidh anns na Torran anns an Eilean Sgitheanach agus ann am Boighreigh ann an Caolas na Hearadh, mus deach a chur gu sgìre Sholais ann an Uibhist a Tuath ann an 1909, far an do chuir Uilleam seachad làithean òige.

Thogadh Uilleam ann an coimhearsnachd far an robh a' Ghàidhlig làidir, agus ann an dachaigh anns an robh òrain Ghàidhlig agus an creideamh Crìosdail cudromach anns a' bheatha làitheil. Bha buaidh mhòr aig coimhearsnachd Sholais air cuideachd. Nuair a bha e beag, rachadh Uilleam agus a bhràthair a chèilidh air nàbaidh dhaibh, Lachlann Dòmhnallach, a bha aithnichte mar chroitear agus mar sheanchaidh. Dh'èisteadh iad ri sgeulachdan mu chinnidhean na sgìre agus an cuid chathan agus aimhreitean thar nan linntean. Chan eil teagamh sam bith gun do phiobraich seo an ùidh a bh' aig Uilleam ann an òrain agus sgeulachdan Gàidhlig. Ann an 1954, chaidh Uilleam a chlàradh 's e a' gabhail an òrain luaidh A Mhic Iain 'ic Sheumais, a tha a' toirt cunntas air mar a leònadh Dòmhnall mac Iain 'ic Sheumais ann am Blàr Chàirinis ann an Uibhist a Tuath ann an 1601.

Fhuair Uilleam sgoil sa chiad àite ann an Uibhist a Tuath mus deach e gu Àrd-sgoil Boroughmuir ann an Dùn Èideann. Chaidh e an uair sin gu Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis ann an 1926, far an do chuir e seachad na bliadhnachan sgoile mu dheireadh aige, mus do choisinn e àite aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1929 airson Eachdraidh a dhèanamh. Bha e gu mòr an sàs anns a' Chomann Cheilteach fhad 's a bha e an sin, agus anns an dàrna bliadhna mu dheireadh aige chaidh a thaghadh mar Bhàrd a' Chomainn.

An dèidh dha ceumnachadh ann an 1933, chuir Uilleam roimhe a dhol gu Moray House ann an Dùn Èideann a dhèanamh ullachadh airson a bhith na fhear-teagaisg, ach leig e seachad am beachd seo a-rithist. Chuir e seachad an uair sin dà bhliadhna a' sgrùdadh Ceilteis fo stiùireadh an Ollaimh W. J. Watson. B' e Watson a bhrosnaich Uilleam gu bhith a' rannsachadh bàrdachd Iain MhicCodruim bhon 18mh linn. Mar thoradh air an rannsachadh seo, chaidh an leabhar 'The Songs of John MacCodrum' fhoillseachadh ann an 1938, agus leig e le Uilleam e fhèin a bhogadh ann am beul-oideas Uibhist. B' ann anns an ùine seo a thòisich e ann an da-rìribh a' cur luach ann am beul-oideas. Mar a thuirt e fhèin:

"There was a gradual awareness that what I was hearing from these people in the islands was ... not only truer ... but better as music than what I had been reading in the books..."

Goirid an dèidh don obair aige mu MhacCodrum a bhith air fhoillseachadh, bha Uilleam a' faireachdainn gun robhar ga ghairm dhan Eaglais, agus ann an 1938 chlàraich e aig New College ann an Dùn Èideann. Bha e air a shònrachadh mar mhinistear ann an Eaglais na h-Alba ann an 1941, agus bha e a' searmonachadh anns a' Bhlàr Dhubh agus an uair sin ann an Tobar Mhoire, Muile, far an robh an cothrom aige eòlas a chur air a' choimhearsnachd agus air a' bheul-oideas aca. Tha an t-òran Gur Mise tha fo Mhulad air an Tulaich nam Ònar na eisimpleir de dh'òran luaidh a dh'ionnsaich e o mhuinntir Mhuile.

An dèidh dha seachd bliadhna a chur seachad na mhinistear ann am Muile, dh'fhàg e a' mhinistrealachd ann an 1952 agus chuir e roimhe a bhith na òraidiche ann an Ceilteis aig Oilthigh Dhùn Èideann. Leasaich agus theagaisg e earrannan a' chùrsa air Gàidhlig na h-Alba, 's e a' co-obrachadh le Kenneth Jackson, a bha an uair sin na Chathraiche air an roinn. Nuair nach robh e a' teagasg, b' urrainn dha cumail air leis an rannsachadh aige fhèin, agus ann an 1970 dh'fhoillsich e leabhar de bhàrdachd Ruairidh MhicMhuirich, an Clàrsair Dall.

Ann an 1953 thòisich e ri cur ri Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba le bhith a' clàradh mòran dhe na h-òrain a bha e air cruinneachadh bho bha e na oileanach. Mus tàinig deireadh na 1950an, bha Seumas Ros air còrr 's 200 òran a chlàradh bhuaithe. Am measg nan daoine eile a rinn clàraidhean dheth, bha Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach, Iain MacAonghuis, Alan Bruford, Peter Cooke agus Iain Peatarsan. Tha còrr 's 700 clàradh de dh'Uilleam an-dràsta air làrach-lìn Tobar an Dualchais agus 's e òrain a th' anns a' mhòr-chuid dhiubh sin. Tha e cuideachd a' nochdadh air an làraich-lìn mar obraiche-raoin agus am measg na chlàraich e tha Nan NicFhionghain (Nan Eachainn Fhionnlaigh) (1903-1902) à Bhatarsaigh, Iseabail T. NicDhòmhnaill (Iseabail Ruairidh Roidein), agus Calum MacIain (Calum Aonghais Chaluim) (1891-1972) à Barraigh.

Chaidh àrdachadh gu bhith na Leughadair ann an Ceilteis ann an 1972 agus leig e dheth a dhreuchd ann an 1980. Chùm e air a' cur ris an Tasglann fad iomadh bliadhna an dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth gus an do dh'eug e ann an 1995.



Tùsan agus Barrachd Leughaidh

MacDonald, Donald A., 'William Matheson, Gaelic scholar and singer' ann an Tocher vol. 35: Tales, Songs, Traditions: Selected from the Archives of the School of Scottish Studies (An Samhradh 1981), deas. le Alan Bruford, td. 282-291.

'William Matheson' [obituary], The Herald, 2 An Dùbhlachd 1995.